Seonag Chaimbeul talk Tha daoine gu leo\r ann an Alba a bha eo\lach oirre, agus a tha taingeil dhi, oir bha clas Ga\idhlig aice a' ruith fad na bliadhna, a h-uile feasgar Diardaoin air feadh faisg air deich air fhichead bliadhnaichean - clas la\n spo\rs agus fearas-chuideachd. B'ann sa chlas sin a ionnsaich mi fhe/in cuid mho/r den Gha\idhlig a th'agam. Tha iomadh rud a b'urrainn dhomh a ra\dh mu dheidhinn Seonag, agus a "Cearcail Co\mhraidh" (a tha a' ruith fhathast) ach bu toigh liom cur gu GAELIC-L mar urram dhi, tar-sgri\obhadh de agallamh reideo a rinneadh rithe bho chionn ceithir no cu/ig de bhliadhnaichean nuair a bha i an aois a ceithir fichead 's a tri\-deug. Tha mi an do\chas gum bi mi comasach air an te/ip fhe/in a chur dhan sto/ras GhAELIC-L 'na fhaidhle-fuaime uair no uaireigin. Bidh seirbhis eaglaise air a son Di-ma\irt aig 10 uairean ann an Eaglais nam Manach Liath. Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhi\th oraibh, cuiribh fo/n gu Nancy Turner, 031-339 3342. Caoimhi/n -------------------------------------------------------------------------- (Seonag air a' Re/idio) M - Hello, agus feasgar math dhaibh. Tha Murchadh MacLeoid ann a' sheo airson an ath-leathuair a' thi\de a' togail cuid de na gnothaichean a tha a' dol air adhart sa bhaile mho/r. [...] Gu dearbh is ann an Du\n E/ideann a tha sinn a' to\iseachadh cuideach. Ged a tha clasaichean Ga\idhlig gle/ chumanta sna bailtean mo/ra, chan ann tric a tha iad a ruith bho aon cheann de na bliadhna chon a' chinn eile. Bhuel tha aon chlas ann a' Du\n E/ideann a' deanamh di\reach sin. Gu dearbha s'e an aon fhear sa bhaile a tha a ruith gu curamalach fad na bliadhna. S'e clas co\mhraidh a th'ann agus tha e air a ruith le Seonag Chaimbeul. Agus an t-seachdainn so chaidh, chaidh Iain Mac Ghille Mhicheil a thadhail air Sheonag air a' chlas aice ann an Talla Eaglais Greyfriar's roimh meadhoin a' bhaile. ----------------------------- I - Bhuel, A Sheonaig, tha co\mhradh gu leo\r ag dol air ar cu\laibh ann a' sheo, agus tha sinn gu math iomachaidh, mar tha sinn aig a' chlas ... chomhraidh agaibh fhe/in ann a' Du\n E/ideann. An inns' sibh dhomh beagan a-niste? Bha e gu math inntinneach a bhith a coimhead is ag e/isdeachd ruibh a-nochd. Cuine a tho\isich sibh air, an to\iseach? S - Nineteen sixty two I - Mar sin, tha sibh air a bhith a dol... S - Fad 'n ti\de ... Agus, rud eile dheth ... Air a chunnaic mi cho fada's a bha ... a' Gha\idhlig air a dhol si\os, rinn mi suas m'intinn nach gabhainn aona sgileag air a son. 'S cha do ghabh mi bonn na sia bhon a tho\isich mi an uair sin. Agus tha an airgead a tha mi a' deanamh, tha sinn ga thoirt dhan a Gha\idhlig ... agus dhan a Eaglais. ... Tha mi cheart cho toilichte 'is ged a bhithinn nam mo bhanrigh. I - Tha sibh nur banrigh gu dearbh air luchd-ionnsadhaidh Dhu\n E/ideann. ... Innis dhomh a-niste, de/ cho tric 's a tha an clas seo agaibh? S - Fad na bliadhna ... Air oidhche Dhiardaoin ... Ach nuair a chaidh sinn ... a-steach ..?.. a\ite seo ... nuair a tha iad ro-dhripeil. I - Agus mar sin, tha sibh a dol a h-uile seachdainn, fiu\ 's troimh 'n t-samhraidh, a bheil? S - Tha. A h-uile seachdainn. I - Tha to\rr dha na clasaichean eile a tha a dol, ann am bailtean eile, tha iad a' sgur air son an t-samhraidh. Carson a tha sibhse a' cumail a dol? S - Airson ... Tha adhbhair air. Fhuair mi a-mach gu robh iad a' call a' rud a dh'ionnsaich iad. 'Is bha e a' toirt tri\ miosan mus dig iad thuige a-rithist. 'Is thuirt mise gur e sin ... siud an aon do\igh air am b'urrainn iad a cumail a' dol. I - Agus ciamar a tha sibh gan ionnsachadh, ma tha. Tha iad a tighinn thugaibh gun fhacal Ga\idhlig, tha mi a' creidsinn. S - Tha. Tha. ... a' toirt orra a bhith a' bruidhinn, an fheadhainn aig a bheil beagan dhith. Agus ... tha mis' a ... dhan ... na's urrainn dhomh ...?... ceart dhaibh. Agus tha to\rr mo/r mho/r aca ...?... a' faighinn ar adhart cho math 's ... gu bheil iad cho math 's a b'urrainn dhut a iarraidh. I - Tha mi gan cluinntinn di\reach an-drasda fhe/in agus tha iad a' co\mhradh a-measg a cheile an a' Ga\idhlig. S - Tha, an a' Ga\idhlig I - Agus a-niste, de/ cho tric 's a bhi sibh a' ceartachadh an cuid Ga\idhlig, ma tha iad cea\rr, a thaobh gramar no rudan dhen t-seo\rsa sin. S - Chan eil guth againn air gramar, idir, idir. Agus tha mi ... gan cur ceart a cheart cho luath 's a tha mi gam faighinn cea\rr. Agus tha iad a' cumail sin 'a chuimhne. Tha iad ga sgri\obhadh. Agus ... thig iad tighinn thairis air an ath-sheachdain. I - De/ a-niste. Ciamar a tha sibh ga obrachadh? Bhuel, thug mi an aire, bha mi nam shuidhe, agus bha sibh nar suidhe ann an cearcal mo/r, agus bha sibh ..?.. a dol timcheall, agus cho\rd sin rium uamhasach fhe\in math, nuair a bha 'a h-uile duine a' gabhail pa\irt co\mhla. S - Bhuel, bha mi airson gum faigheadh a h-uile duine cothrom mar bu cho\ir a bhith, gun leathpra a dheanamh air duine sam bith. Agus gun tuiginn, 's gum biodh fios agam, cho math 's a bha iad a tighinn air adhart. 'S cha d'fhuair mise teagaisg Ga\idhlig na mo bheathasa ... ach fhuair mi Ga\idhlig ina dhe/idh sin. I - An inns sibh dhomh a-niste beagan mu dheidhinn an u\idh a tha aig muinntir Dhu\n E/ideann ann a Ga\idhlig, a Sheonaig. Am bheil sibh a smaoineachadh gu bheil u\idhe mho/r anns a' Gha\idhlig anns a' bhaile seo. S - Muinntir Dhu\n E/ideann fhe/in, chan urrainn dhomh a chantainn le honoir gu bheil ... a' chuid is motha dhaibh. Ach tha feadhainn ann a fhuair a-mach air a son fhe\in an rud a tha sa Gha\idhlig, agus a luach a tha innte. Agus tha iad a-nise co\mh... feadhainn aca co\mhla rinn. I - Agus de/ cho fad 's a tha iad toirt co\mhla ruibh? S - Fad bliadhnaichean. Tha tru\ir no ceithrear aca faisg air ... Tha aon aca ... faisg air fichead bliadhna. I - A bheil esan gu math fileanta an-diugh? S - O tha. Fhuair e ... an duais. Fhuair gru\nn aca an duais. I - A-niste, de/ an aois a tha sibh fhe/in? Tha fhios agam nach eil e modhail a bhi a faighneachd sin de bhoireannach sam bith. S - E/ist! Chan ach boireannach o\g a th'annamsa. I - An inns sibh dhomh? S - Innsidh, 'is cha bu cho\ir dhomhsa ca\il a smaoineachadh dhan a sin. Chan eil annam ach boireannach o\g fhathast. Tha mi ceithir fichead 'is a tri bliadhn' de/ag. I - 'Is de/ ma tha, a tha gar cumail cho o\g, a bheil sibh a' smaointinn? S - Tha gum biodh ...?... fhathast airson ..(cuimhneachadh??)).. Gha\idhlig. I - Feumaidh mi a radh cleas Joan Collins. Tha sibh a' coimhead gu math fallain. S - Ach tha aobhar mo/r a tha air a' seo ... air a' sin ... agus bu cho\ir dhomh a thoirt dhan a h-uile duine a tha ag e/isdeachd. Cha do dh'ol mi deoir uisge beatha na mo bheatha. Agus ... tha rud eile ann cuideachd. Cha do ghabh mi cigarette na mo bheatha. No ca\il sam bith den t-seo\rsa sin. I - Agus cu\ine a thainig sibhse a Dhu\n E/ideann an toiseach, a Sheonaig? S - Thainig ann a' naoi ceud de/ag, agus ... agus da\ fhichead bliadhna. I - Mar sin, tha sibh eo\lach gu leo\r air a h-uile cu\l sa bhaile a tha seo? S - O tha. Tha gu dearbha. Agus fhuair mi toileachas mo/r mho/r mho/r as an rud a rinn mi. Thaobh, agus an toileachas a fhuair an fheadhainn a ionnsaich i. ... Tha iad fhathast ga ruith, a h-uile duine aca, a ionnsaich ceart i. I - De/ cho Gaelach an canas sibh, a Sheonaig, 's a tha Du\n E/ideann mar bhaile? A bheil e cho Gaelach ri Glaschu/? Tha torr Ghaeil, tha fhios agam, a' fuireach ann a' Glaschu/. Ach ciamar a tha Du\n E/ideann? S - Tha e to\rr nas fhea\rr na a bha e, ged tha. To\rr mo/r mo/r nas fhea\rr na a bha e. Bha e feagalach spaideil nuair a thainig sinne. Cha robh ca\il agam ma dheidhinn idir idir. Ach is toigh leam a-nis e. Is toigh leam e gu dearbh. I - Innis dhomh a-niste. De/ na duilgheadasan is motha a tha agaibhse ... ann a bhith a' ruith clas dhen t-seo\rsa seo? S - Chan eil gin. Is air gle/ bheag a chanas sin. Thainig iad ... duilghead... Fhad is le mo thoir is dha mo chur dhachaidh. I - Thug mi an aire ag e/isdeachd ruibh agus a' coimhead oirbh gan teagasg, gu bheil to\ir spo\rs agaibh. Agus tha sin cudthromach, a bheil sibh a smaointinn? S - O gle/. Sin an rud cho cudthromach 'is a b'urrainn dhaibh a bhith aca, cothrom a bhith aca dibhearsain a bhith nam measg. I - Bhuel, gum biodh fada a bhios sibh a dol ris a' chlas a tha seo. Chan eil sibh a' smaointinn idir air a thoirt suas, tha mi an do\chas. S - Ach aon rud a chanas mi ...?... Tha mi gle/ thoilichte thusa a bhith an-seo. M - Seonag Chaimbeul a tha ag ruith clas co\mhraidh Ga\idhlig an Du\n E/ideann agus i toilichte dairi\re coinneachadh ri Iain Mac Ghille Mhichil. Ach .. nach e a bha miomhodhail a' faighneach dhi a h-aois.